Èist ri ceòl mìorbhaileach le Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba, eadar luchd-iùil ciùil air leth, òranaichean aonair drùidhteach agus còisirean do-chreidsinneach. Chan eil e gu diofar an robh thu aig ceud cuirm-chiùil roimhe seo no air ùr-thighinn do shaoghal a’ chiùil chlasaigich, na leig seachad cothrom èisteachd ri cuirm-chiùil le Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba!
Cumaidh iad cuirmean-ciùil air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-staigh tallachan chuirmean-ciùil ann an Dùn Èideann, Glaschu, Dùn Dè, Obar Dheathain agus Peairt, tiugainn gu oidhche chomharraichte leis an RSNO nach dìochuimhnich thu gu bràth!
Ruithidh seusan cuirmean-ciùil Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba eadar an Dàmhair is an t-Ògmhios a ghnàth ach bidh corra cuirm-chiùil ann taobh a-muigh nam mìosan seo cuideachd.
Faic na tha a’ dol: https://www.rsno.org.uk/whats-on/
Fiosrachadh feumail:
Amannan nan cuirmean-ciùil
Tòisichidh cuirm-chiùil oidhche aig 7:30f mar is trice agus cuirmean feasgair aig 2:30f mar is trice. Cùm sùil air duilleag an tachartais airson mion-fhiosrachadh.
An t-eadaramh
Bidh eadaramh aig a’ mhòrchuid de chuirmean is mar is trice, bidh sin 20 mionaid a dh’fhaid.
An t-èideadh
Cha leig thu a leas èideadh sònraichte a chur ort. Cuir umad rud sam bith a tha cofhurtail dhut!
Prìsean nan tiocaidean
Tha prìsean nan tiocaidean airson cuirmean-ciùil clasaigeach a’ tòiseachadh aig £14 agus feadhainn airson cuirmean ceòl filmichean, ceòl pop is ceòl na Nollaig aig £19. Tha prìsean lasaichte ri fhaighinn do dhaoine a tha nas òige na 26, oileanaich inbheach, daoine ciorramach is feadhainn gun obair – feuch duilleag an tachartais airson mion-fhiosrachadh.
Mar a nì thu glèidheadh
Airson suidheachan a ghlèidheadh, mholamaid dhut tiocaid a bhucadh air an làrach-lìn againn mus tig thu gu ionad na cuirme. Dh’fhaoidte gum bi tiocaidean aig oifis nan tiocaidean air oidhche na cuirme-ciùil fhathast mur eil thu airson tè a ghlèidheadh ro làimh ach chan urrainn dhuinn a dhol an urra dhut.
Duilleagan-lìn eadar-theangaichte
Tha an còrr dhen làrach-lìn againn ann am Beurla a-mhàin. ’S urrainn dhut gleus eadar-theangachaidh air loidhne a chleachdadh airson an còrr dhen fhiosrachadh a leughadh ann an cànain eile air an làrach-lìn. Ge-tà, chan ann air Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba a tha uallach ma bhios mearachd sam bith ann is tu a’ cleachdadh inneal d’ a leithid.